Versos English Archibald Farquharson The Princess’ Welcome to the Highlands

English poem

The Princess’ Welcome to the Highlands

by (1800–1878)

Listen in the reader

────────────────────────────

Failte na Ban-phrionnsa do’n Ghaidhealtachd.

─────────────────────

A nighean rìoghail tiugainn, ò, Bi ’g éiridh agus tiugainn, ò, A nighean rìoghail tiugainn, ò, ’Us gabhsa còmhnuidh maille ruinn.

A Bhana-phrionns’ a Liùsaidh chòir, An rìomhainn mhaiseach ’s uaisle pòr, An òigh is measail’ ’s an Roinn-eòrp’, Bheir sinn le ’r deòin do dhachaidh dhuit. A nighean rìoghail, &c.

Thig tre Shasunn ’s Tìr nan Gall, Mar an eilid ’tha ’sa ghleann, Mar an eilid ’s i ruith ’n a deann, ’Us “Tìr nam beann” bheir fasgadh dhuit. A nighean rìoghail, &c.

Mòr mholadh dh’ is’, do mhàthair ghaoil, Caomh Bhan-rìghinn Bhreatuinn (tìr na saors’) A dh’ fhuasgail thu o lagh na daors’, Gun ’bhi ’ga d’ aon’ gu h-ainneioneach. A nighean rìoghail, &c.

Roghnaich thus’ mar fhear do ghràidh, Morair Lathairn, oighr’ Earraghàel, ’Ur crìdh’chean tha le caoimhneas tàtht’, ’S e’n Tì a’s àird’ a cheangail sibh. A nighean rìoghail, &c.

Seadh roghnaich thusa mar t’fhear-pòsd’, Am fìuran taght’ Mhic Chailean Mhòir, An t-uasal smearail, fearail, stòld’, ’S gun ’bheag do ’n mhòrchuis maille ris. A nighean rìoghail, &c.

Bithidh tein’-aoibhneis air gach cruaich, A bhios gu bras-gheal ’lasadh suas, An uair a’ chluinneas sinn ’g a luaidh, Thu ’bhi ri d’ luaidh dlù-cheangailte. A nighean rìoghail, &c.

’S bheir sínne dhuit ar mìltean fàilt. Le deadh-ghean ait o’ r crìdh’chan blàth, An uair a thig do “Thìr nan Gàel,” ’S ann ann ar cànain thaitneach. A nighean rìoghail, &c.

Bidh cuid do ’n dream thig ’thoirt dhuit fàilt’, ’S bu chubhaidh dhoibh ’bhi ’gabhail nàir’; A chionn ’s gu ’m bi ’an deis a’ Ghàel, ’Us gun a’ chànain maille rith’. A nighean rìoghail, &c.

’S cha ’n iad na Caimbeulaich amhàin, A thig a thaisbeaneadh an gràidh, Ach gach uil’ fhin’ a measg nan Gàel, Bidh leò an càirdeas ceangailte. A nighean rìoghail, &c.

Gach eud ’us farmad théid air chùl. An uair a nochdas tu do ghnùis, Iad bithidh adhlaichte ’s an ùir. ’S cha ’n fhaic an t-sùil an ais-eiridh, A nighean rìoghail, &c.

Seadh, ’n uair a thig thu suas Loch-Fìn, ’S an eathar bhras a’s caise sgriob, Làmh a’ chaoimhneis bi’dh dhuit sìnt’, Ga d’ thoirt air tìr do ’d chairtealan, A nighean rìoghail, &c.

Bidh làmh a chaoimhneis ’us a bhlàis, Dhuitsa sìnt’ o chlann nan Gàel, A ’guidh’ mòr shonais dhuit gu bràth, ’S an Tì a’s àird’ ’bhi maille riut. A nighean rìoghail, &c.

A’ guidh’ gu ’m bi do shliochd ’s gach àl, ’S an àm ri teachd a’n Earraghàel, ’S tuath na loinne ’toirt doibh a’ mhàil, Le gean ’s gun fàth a’ ghearain ac’, A nighean rìoghail, &c.

A’ guidh’ gu ’m bi do làithean buan, ’Us Dia a’n càirdeas ruit gach uair, Le sìth ’us slàint’ tre fhuil an Uain, ’Bhi cumail suaimhneas anam riut, A nighean rìoghail, &c.

’Us thu ’n uair thig gu crìch do shaogh’l, Bhi ga t’aiseag na h-ainglean naomh, Do ’n àit’ ’s am faic thu t’athair caomh, A’n tìr a’ ghaoil am flaitheanas. A nighean rìoghail, &c.